— <b>Argamaidean ri chleachdadh nuair a thòisicheas an aplacaid bhon loidhne-àithne</b>

<big>N</big>uair a thòisicheas le argamaid <tt>-v</tt> no <tt>--version</tt>, thèid an tionndadh làithreach de Kickshaw a shealltainn. Tha na h-argamaidean <tt>-h</tt> agus <tt>--help</tt> a' frithealadh gus tuairisgeul a thoirt air mar a gheibhear cothrom air an uinneag ghliocasan seo, agus liosta de na h-argamaidean a tha air an gabhail a leantainn.
Faodar Kickshaw a thòiseachadh cuideachd le slighe fhaidhle gu clàr-taice mar argamaid. Mar bhuaidh coimhearsnachd, tha seo a' dèanamh comasach faidhlichean clàir-thaice fhosgladh le Kickshaw le bhith a' cleachdadh a' chlàir-thaice co-theacsail ann am manaidsearaibh faidhle.

— <b>Faidhlichean air an cruthachadh le Kickshaw</b>

<b>Maireannach</b>

Cruthaichidh Kickshaw faidhle roghainnean fhèin leis an ainm <tt>.kickshawrc</tt>, a tha suidhichte am broinn pasgan dachaigh a' chleachdaiche.

<b>Sealach</b>

Airson gach deasachadh a thathar a' dèanamh, thathar a' cruthachadh faidhle stac neo-dhèan am broinn <tt>/tmp/kickshaw.XXXXXX</tt> (is iad na X's ionadan airson litrichean is àireamhan air thuaiream). Ma thèid an prògram a stad gun dùil, bidh am pasgan a' fuireach, ach cha bu chòir dragh a bhith ann mu dheidhinn seo on a tha e a' gabhail a-steach dìreach faidhlichean beaga agus mar as trice thèid a sguabadh às gu fèin-ghluasadach aig a' char as fhaide leis an ath ath-thòiseachadh.

Cruthaichidh Kickshaw cuideachd faidhle fèin-sàbhalaidh am broinn a' phasgain dachaigh leis an ainm <tt>.kickshaw_autosave</tt>. Thathar ga ùrachadh an dèidh gach deasachaidh agus ga sguabadh às nuair a thathar a' dùnadh a' phrògraim. Ma chaidh Kickshaw a stad gu mì-riaghailteach, leis an ath thòiseachadh dhen phrògram thathar a' faighneachd dhen chleachdaiche an àill leis an clàr-taice aiseag bhon fhèin-sàbhaladh no am fèin-sàbhaladh a sguabadh às.
